Tha gailearaidh An Lanntair le cumadh-L air agus 44.7 meatairean (142 troighean) ann. Tha 4.5 meatairean de dh’àirde sna ballachan, le 3 uinneagan-mullaich (le sgàilean orra) agus dà uinneig thana a’ dol bhon làr chun a’ mhullaich, le comas ann an solas gu lèir a dhubhadh às. Tha na ballachan le plastar air muin fermacell, marine ply le breigichean nam broinn. Tha siostam crochaidh ‘drill and fill’ ann. Tha na solais air tracaichean stèidhte le solais flood agus spot ann, le làr concrait air a pheantadh dubh-ghlas. Tha socaidean dealain san làr is air na ballachan agus gheibhear thuige tron bhàgh lòdaidh, fa am faighear ri nithean mòran – carbadan, mar eisimpleir – a thoirt a-steach.