
Tha An Lanntair na ionad dha gnothaichean cultarail is ealainean sna h-Eileanan Siar. Tha e a’ toirt dachaigh do dh’iomadh seòrsa ealain – le gailearaidh ealain ùr-nodha ann, taigh-cluiche, taigh-dhealbh, stiùideo dannsa, talla consairt, àite dha bàrdachd is litreachas, stiùideo – gach pàirt dhen togalach ga chleachdadh ’son nan diofar ealainean. Tha ar n-obair a’ dol tarsainn diofar cheàrnaidhean dhen dùthaich agus diofar dhùthchannan dhen t-saoghal ach tha sinn le freumhaichean domhainn san àite sa bheil sinn stèidhte; leis a’ Ghàidhlig is na h-Eileanan Siar a’ faighinn prìomhachas.
Is e ceann-uidhe An Lanntair “daoine a bhrosnachadh agus a cheangal ri chèile; cruthachadh phrògraman àraid, cruthachail ann an ionad aig a bheil freumhaichean sna h-Eileanan agus a tha a’ taisbeanadh ealain is bheachdan-smuain ar n-ama”.
Anns an Dàmhair 2005, às dèidh iomairt deich bliadhna, chaidh ionad ealain ùr mìorbhaileach fhosgladh an cois caladh Steòrnabhaigh. Anns an ionad, tha talla mòr le àite-suidhe dha 220, gailearaidh, oifisean, bùth agus cafaidh bàr – fear dhe na leasachaidhean ealain as motha a chunnacas air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan riamh.
Tha prògram An Lanntair air cliù a choisinn thar nam bliadhna, is e air duaisean mòra agus molaidhean fhaighinn bho, am measg eile, Ealain is Gnìomhachas, Ealain is Turasachd (Trophaidh), Com-pàirtichean Ealain, agus (ann an 2007) Ionad Ciùil Traidiseanta na Bliadhna; mar thoradh air doimhneachd agus beartas ar prògraim chiùil.
Chaidh prògram nan ealainean cleasachd fhosgladh leis an dealbh-chluiche ‘I was a Beautiful Day’, a chaidh a cho-choimiseanadh ann an co-bhuinn ris an Taigh-Chluiche Traverse agus, bhon àm sin, chaidh gach ceàrnaidh den t-saoghal a riochdachadh ann an dòigh air choireigin san Lanntair; a’ gabhail a-steach The Wyios (Na Stàitean Aonaichte), Nablakov Quartet (A’ Bhulgaire), Ballet Mosgo, Kakatsitsi (Ghana), Gentacorum (Quebec). B’ e The Rocket Post a’ chiad fhilm a chaidh a shealltainn san ionad – an dèidh rèiteachadh ro-làimh leis an Stiùiriche – agus tha àireamh na h-èisteachd air èirigh bliadhna às dèidh bliadhna bhon uair sin.
Tha am prògram taisbeanaidhean cuideachd air brùthadh aig na criochan: a toirt cunntas do ealain eadar-naiseanta agus aig a cheart-am a’ moladh agus a’ putadh ealan is luchd-ealain ionadail, ‘san eilean is thall-thairis. Bha an sealladh cùl-radharcach aig Steve Dilworth, Duslach a’ Bhàis (Mortal Remains), ainmeil ‘san shuidheachadh seo. Chaidh ‘Sgollag Sheòlaidh’ (‘Sailing Dinghy’) le Ian Hamilton Finlay a thaisbeanadh sa phrògram ealainean lèirsinneach mar phàirt de ‘Seòmraichean Luchd-ealain’airson comharrachadh An Lanntair aig 25 bliadhna dh’aois. Agus chaidh dà thaisbeanadh mhòr bho luchd-ealain cliùiteach Albannach a shealltainn aig An Lanntair: ‘Crìochan’ (‘Boundaries’) le Gwen Hardie a tha ag obair is a’ fuireach an New York, agus ‘Aig Bonn a’ Braghad Bharraichte Ud’ (‘At the Foot of Yon Excilin Brae’) le Eilidh NicAlasdair. Ann an 2014, chaidh An Lanntair an sàs san Generation Programme a bha tachart air fad-Alba; prògram às an tàinig an taisbeanadh miorbhaileach ùr ‘Tumadh:Immersion’ le Dalziel + Scullion.
Tha am prògram Foghlàm agus Foghlaim-tadhail aig An Lanntair gu math prìseil aig a choimhearsnachd an seo. Tha sinn a’ feuchainn ri ceanglaichean a steidheachadh tro fhoghlam foirmeil is neo-fhoirmeil agus tha sinn ag obair an com-pàirteachas le daoine aig a bheil trioblaidean slàinte no sòisealta. Tha An Lanntair le eachdraidh fhada a thaobh co-obrachadh le luchd-ealain is le buidhnean ealain eile às na h-Eileanan agus à tìr-mòr, agus le buidhnean sòisealta ’s òigridh.
Tha sinn cuideachd a’ tabhainn sheirbheisean air feadh Leòdhais ’s Na Hearadh agus tro na h-Eileanan Siar air fad ann an co-bhuinn ri buidhnean eile.