Tha taic-airgid a’ toirt dhuinn an cothrom daoine a cheangal agus a bhrosnachadh le programan sònraichte cruthachail a tha stèidhte san àite agus a nì taisbeanadh air ealain agus beachdan na linne.
Bidh mar Chàraid An Lanntair agus gheibhear na buannachdan a leanas:
- Rud far na prìs air clasaichean agus tachartasan beò
- Litrichean fiosrachaidh ceithir tursan sa bhliadhna le naidheachdan air na tha a’ tighinn an-àirde
- Prìomhachas airson cuid de thachartasan
- 10% far prìs a’ bhìdh san taigh-bhìdh agus sa bhàr
- 10% far prìs rudan sa bhùth (ach a-mhàin leabhraichean, CDan is rudan air an coimiseanadh)
- Cuiridhean gu ro-sheallaidhean de thaisbeanaidhean
Tha na prìsean bliadhnail mar a leanas:
- £25 dha Aon Neach
- £35 dha Dithis
- £40 dha Teaghlach
- £15 dha Luchd a’ Pheinnsein
Bheir a-mach ballrachd! Ceannaich an-dràsta i le fios ga chur gu info@lanntair.com no cur fòn air 01851 708480.
Suidh Sìos
Leig d’ anail, dèan suidhe is cur taic ris An Lanntair le a bhith a’ ceannach àite-suidhe san ionad ealain.
Cur riutha d’ ainm agus cùm taic le soidhne bheag air àite-suidhe san talla mhòr air am bidh d’ ainm agus teachdaireachd.
Airson fiosrachadh a bharrachd, cuir fios gu Kathryn Lamont Smith (Ceannard Margaidheachd) Kathryn@lanntair.com air neo cuir fòn air 01851 708480.
Tabhartasan
Ma tha thu airson tabhartas a thoirt dhuinn, bhiodh sinn glè thoilichte a ghabhail. Faodaidh seo a dhèanamh air d’ ainm fhèin, mar phreusant do neach eile, às leth neach eile no gun ainm idir air.
Gus tabhartas a thoirt seachad dhuinn, cur fios gu Kathryn Lamont Smith (Ceannard Margaidheachd) aig Kathryn@lanntair.com no cuir fòn air 01851 708480.
Bileagan Creideis
’S urrainn bileagan creideis fhaighinn airson An Lanntair, rud a bhiodh na phreusant air leth dha duine sam bith. Faodar an cosg air feadh An Lanntair, sa chafaibh bàr, sa bhùth, san taigh-dhealbh no san talla mhòr. Fhreagradh iad glè mhath air duine sam bith a tha dèidheil air na h-ealainean is air daoine a bhiodh airson blasad fhaighinn de na diofar ghnothaichean a tha ri fhaighinn san Lanntair. Faigh tè!
Litrichean Naidheachd
Cuir sìos d’ ainm airson litrichean naidheachd air tachartasan a’ tighinn an-àirde agus rudan eile.
Cuir a-steach am fiosrachadh air a shireadh gu h-ìosal airson a dhol air an liosta phost-d ach am faigh thu am fiosrachadh às ùr air naidheachdan, tachartasan agus tachartasan sònraichte aig An Lanntair.
Tha dìomhaireachd gu math cudromach dhunne. Cha toir An Lanntair am fiosrachadh agad seachad do bhuidhnean sam bith eile.
Sponsaireachd Chorporra
Mar Charaid Corporra An Lanntair tha thu a’ nochdadh do thaice do na h-ealainean sna h-Eileanan Siar agus tron taic seo, gheibhear sreath de bhuannachdan sònraichte nach fhaigh daoine eile. Tha na buannachdan seo le cothroman nan lùib do bhuidhnean, luchd-obrach nam buidhnean seo, air sanasachd agus air sàbhaladh airgid nuair a thathas a’ cleachdadh ghoireasan An Lanntair. ’S urrainn dhuinn gach ballrachd a dhèanamh freagarrach air gach seòrsa companaidh, le:
- 10% far na prise a thaobh aoigheachd chorporra sa Chafaidh Bàr
- Cuiridhean gu oidhcheannan fosglaidh thaisbeanaidhean ri fhaighinn dha luchd-obrach
- Rud far na prìse nuair a tha grunn tiocaidean gan ceannach ’son cuid de thachartasan beò (15+ a’ faighinn prìs shònraichte nam ball)
- 10% far prìs rudan sa bhùth – glè fheumail mar phreusantan gnìomhachais
- Cothrom air seòmraichean An Lanntair fhaighinn aig prìs nas ìsle
- Cothrom air ceangal gu làrach-lìn do bhuidhne a chur an-àirde air làrach-lìn An Lanntair
Airson bruidhinn air mar as urrainn dhut taic a chumail ris An Lanntair chum do ghnìomhachas a chur air adhart, feuch is cuir fios gu Kathryn Lamont Smith (Ceannard Margaidheachd) aig Kathryn@lanntair.com no cuir fòn air 01851 708480.