Tha tachartasan ann aig An Lanntair air an dèanamh le, agus dha, daoine òga. Tha ‘Neo-chlàraichte’ na phròiseact mòr ùr – air a ruith le daoine òga – a tha a’ cruthachadh ealain agus a’ cur solas air beachdan-smuain eadar-dhealaichte. Tha e air a mhaoineachadh tro Time to Shine – iomairt ùr aig Alba Chruthachail a tha a’ faighinn daoine òga an sàs sna h-ealainean. Tha An Lanntair a’ ruith Ionadan Ealain ann an Nis, Ùig, An Tairbeart agus am Bràdhagar far am b’ urrainn dhut pròiseactan ealain a thoirt air adhart le innealan didseatach ùra. Ma tha fìor deagh bheachdan agad air pròiseactan ealain dha daoine òga, carson nach tig thu fhèin an sàs ann am ‘Board not Bored’?

Ma tha thu am beachd a dhol an sàs sna gnìomhachasan cruthachail nad bheatha-obrach, tha pròiseactan ann a bheir dhut brosnachadh agus leasachadh air do sgilean. Smaoinich, gur dòcha gum bi do dhealbhan an-àirde sa ghailearaidh againn ann am beagan bhliadhnachan…, no ’s dòcha gum bi an dealbh-cluiche agad air an àrd-ùrlar… tha cothroman gu leòr romhad!