A h-uile bliadhna, tha 2,000 clann is daoine-òga a’ dol an sàs ann am prògram foghlaim is foghlam-tadhail An Lanntair tro na sgoiltean aca. Tha pròiseactan is bùithtean-obrach againn a bheir fìor bhrosnachadh do chlann tro dannsa, dràma, litreachas, peantadh, agus bhideo; uile a’ cur ri ionnsachadh foirmeil sgoile agus a’ toirt seachad cothrom a dh’obair a dh’ionnsaigh Bhuilean is Thoraidhean a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais. Tha prògram ùr ann gach teirm làn bhùithtean-obrach, tursan tadhail agus òraidean dha sgoiltean. Cha leig sibh leas feitheamh gu faigh thu cuireadh, mas e tidsear a th’ annad agus ma tha thu airson tadhal air An Lanntair leis na sgoilearan agad, leig thugainn fios an e turas tron taisbeanadh a bu chaomh leat, bùth-obrach, no goireasan ionnsachaidh. Airson barrachd fiosrachaidh, cuir fios gu moira@lanntair.com