Tha An Lanntair le prògram eadar-mheasgte de thachartasan a’ dol air adhart fad na bliadhna bho luchd-ealain bho air feadh na dùthcha agus an t-saoghail; le cudrom sònraichte ga leigeil air ealainean nan Gàidheal, gu h-àraidh Gàidheil nan Eilean Siar. Tha sinn cuideachd a’ cur thachartasan sònraichte air dòigh a tha a’ toirt àite do luchd-ealain nan Eilean, do obair-ealain ùr agus do phròiseactan co-obrachail air an dèanamh ann an co-bhuinn ri buidhnean eile.