Photography by Sam Maynard Photography by Sam Maynard

Chaidh An Lanntair fhosgladh leis a’ bhàrd is sgrìobhadair ainmeil Leòdhasach Iain Crichton Mac a’ Ghobhainn air 8 Màrt 1985 an seann Sheòmraichean na Comhairle an Talla Baile Steòrnabhaigh, àite a bha na dachaigh dhuinn gus an deach an ionad ealain ùr fhosgladh n 2005. Bhon uair sin, ’s urrainn eachdraidh An Lanntair a briseadh sìos an sreathan de dheich bliadhnachan.

Dh’èirich an iomairt chum gailearaidh ealain ùr a chruthachadh bhon triùir a stèidhich e: Calum MacIllEathain (neach-ealain, neach-cartùin is tidsear ealain), Anndra Brus (ailtire) agus fear Sam Maynard (a bha an uair sin a’ togail dhealbhan dha Gasaet Steòrnabhaigh is a tha a-nise na Leas-cheann-suidhe aig Raw TV USA). Chuir cuideachd Ken Ceanadach, Murchadh Iain MacLeòid, Agnes Rennie, Donaidh MacIllEathain (nach maireann), Ina NicÌomhair, An Dr Fionnlagh MacLeòid (a thàinig an-àirde le ainm An Lanntair), Dèirdre NicDhòmhnaill agus Robbie Neish (a chruthaich an lògo) ainm ri bun-reachd tùsail an àite. Stèidhich iad An Lanntair mar chompanaidh neo-phrothaidean le inbhe charthannach – iomairt shòisealta le ballrachd a tha fosgailte do na h-uile.

B’ iad Calum, Sam agus Anndra a rinn am prògramadh agus leasachadh aig An Lanntair sna ciad bhliadhnachan; a’ cruthachadh sreath de thachartasan agus thaisbeanaidhean a dheigheadh a-mach air tursan, a’ coisinn cliù airson an ionaid mar fhear a bha àrd-amasach, innleachdach agus ag obair aig fìor àrd inbhe. B’ e amas an triùir ‘ionad cruthachail a chruthachadh far am b’ urrainn beachdan-smuain ùra a bhrosnachadh’ – àite a chuireadh cultar agus luchd-ealain nan Eilean air àrd-ùrlar an t-saoghail agus a bheireadh àite do ghnèithean ealain ùra sna h-Eileanan. B’ e An Lanntair a’ chiad ionad ealain an Alba aig an robh poileasaidh Gàidhlig agus tràth am beatha an ionaid chunnacas measgachadh thachartasan, leithid tachartas Seann Nòs agus an seinneadair ainmeil Ali Farka Toure.

Bha a’ chiad taisbeanadh san Lanntair le dealbhan bhon neach-camara Leòdhasach òg Murchadh MacLeòid agus Às an Fhearann; taisbeanadh mòr a chaidh a-mach air turas mar chuimhneachadh air ceud bliadhna bho Achd na Croitearachd 1886. Anns an taisbeanadh seo – às an tàinig leabhar brìghmhor agus pìos mòr sa phàipear-naidheachd The Scotsman – nochd obair bho na luchd-ealain ùra Uilleam MacIllEathain agus John Byrne, maille ri obair bho dhaoine uasail leithid Uilleam Mac an t-Sagairt, Thomas Faed agus Paul Strand. Chaidh e air turas gu gailearaidhean mòra na h-Alba agus an 1989 chaidh e air turas dà bhliadhna thar Chanada. Am measg nan taisbeanaidhean eile a nochd tràth am beatha An Lanntair, bha Togail Tir: The Map of The Hebrides, Angus Òg aig Eòin MacIlleBhàin agus Portraits from the Western Edge aig Erik Hoffman a chaidh air turas sa Ghearmailt. Tha taisbeanaidhean An Lanntair air nochdadh an Taighean-tasgaidh agus Leabharlainn Nàiseanta na h-Alba, am People’s Palace agus CCA an Glaschu, Fèis Èireannach Lunnainn, An Fhèis Eadar-Cheilteach sa Bhreatainn Bhig agus aig Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Slòbhaice. Aon uair, bha An Lanntair le ceithir taisbeanaidhean a’ dol air adhart aig ceithir gailearaidhean eadar-dhealaichte aig an aon àm.

Anns na bliadhnachan bho 1985 gu 1995 chuirear prìomhachas air stèidheachadh na buidhne, leasachadh sgilean, togail cheanglaichean leis a’ choimhearsnachd, agus air sgaoileadh ar prògraim gu àitean eile. Cò shaoileadh air an oidhche a chaidh An Lanntair a stèidheachadh – a dh’aindheoin na bha ann de dhòchas, mhisneachd agus thaic – gum fàsadh An Lanntair cho mòr, gun cumadh e cosnaidhean ris na h-uiread agus gum biodh e aig cridhe beatha chultarail na Gàidhealtachd is nan Eilean. Agus, gu dearbha, gum biodh e duilich smaoineachadh air Steòrnabhagh às eugmhais.

Chaidh Ruairidh Moireach, cheumnaiche bho Sgoil Ealain Ghlaschu, fhastadh an toiseachd mar cheannard a’ ghailearaidh air cùmhnant aon bhliadhna ach chaidh e air adhart, tràth sna 1990an, gu obair mar cheannard An Lanntair gu lèir; ga stiùireadh chun an àite sa bheil e a-nise. Chaidh càirdeasan glè mhaireannach a stèidheachadh aig an àm sin eadar diofar luchd-ealain, nam measg bha Steve Dilworth, Louise Scullion, George Wyllie (nach maireann), Phil Cunningham agus Aly Bain, le taic ga toirt do thàlant òg, aig an àm, leithid Iain Moireasdan, Uilleam Caimbeul agus Caomhainn MacNèill. Ann an 1995 choisinn sinn an Duais Ealain agus Turasachd bhon STB airson Calanais: The Atlantic Stones a chaidh a choimiseanadh mar chomharra air an deicheamh bhliadhna bhon chaidh ar stèidheachadh.

Aig an àm sin, chuir sinn cùmhnant a-mach airson rannsachadh a’ coimhead ris an ìre de dh’iarrtas agus chomas a bh’ ann airson ionad ùr ealain a chruthachadh. Às dèidh iomairt deich bliadhna le taic bhon Chrannchur Nàiseanta dh’fhosgail an togalach ùr £6m air 1 Dàmhair 2005. B’ e a’ chiad tachartas an dealbh-cluiche I Was a Beautiful Day le Iain Fionnlagh MacLeòid, an co-bhuinn ris an Traverse Theatre. Rinneadh comharrachadh air ar 25mh bliadhna le tachartas mòr a’ togail airgid le Peter Capaldi (Dr Who) an sàs ann, agus an taisbeanadh Gnùis le obair bhon neach-chamara Murchadh MacLeòid, le dealbhan-camara bho a bheatha obrach fhada shoirbheachail aig a’ phàipear naidheachd The Guardian.

Tha sinn gu mòr airson leantainn oirnn chum ar cinn-uidhe cultarail agus a’ dèiligeadh ris na dùbhlain is cothroman an lùib leasachadh agus fàs. Tha ar prògram a-nise a’ gabhail a-steach phròiseactan sònraichte, luchd-ealain air mhuinntearas, leasachaidhean drama, chom-pàirteachasan le grunn fhèisean agus cheanglaichean telebhisein leithid an taisbeanadh Ceitidh Mòrag.

Am measg nan nithean sa bheil sinn an sàs an-dràsta, tha am pròiseact mòr Purvai a tha stèidhte air beatha Chòirneil Chailein MhicCoinnich a rugadh an Steòrnabhagh agus a chaidh air adhart gu dreuchd mar a’ chiad Neach-sgrùdaidh Seanalair nan Ìnnseachan. Tha pròiseact eile Neo-chlàraichte (‘Unchartered’) le ceanglaichean gu coimhearsnachdan an Astràilia agus sna h-Ìnnseachan.

Tha Foghlam agus Foghlam-tadhail a’ toirt obair air adhart an sgoiltean, agus an coimhearsnachdan, a thaobh slàinte agus com-pàirteachadh sòisealta am measg dhaoine a tha a’ fulang le seargadh-inntinn. Tha na h-ealainean cleasachd a’ dol thairis air diofar ghnèithean ciùil bho dhealbhan-cluiche, gu dannsa agus obair ioma-chuspaireil.

Tha sinn le dàimh làidir ris an Fhèis Cheilteach Innse Gall. Tha ar taigh-dhealbh a’ dol bho neart gu neart agus tha Faclan: Fèis Leabhraichean nan Eilean tè dhe na rudan as barraichte a tha a’ gabhail àite tron bhliadhna. Tha sinn cuideachd air iomadh diofar dhuaisean mòra a choisinn, am tè bu chliùitich dhiubh sin an duais airson Scottish Traditional Music Venue of the Year agus – bho chionn glè ghoirid – Scotland’s Creative Place Award 2015.