
Film agus oraid le Catrìona Nic Ille Dhuibh
A’ chiad sealladh den “An Iolaire: Tha thu air Aigeann m’ Inntinn” le Catrìona Nic Ille Dhuibh, dealbh-beò còig mionaidean stèidhichte air agallamhan clàraichte le feadhainn a shabhail agus feadhainn a chunnaic tubaist an Iolaire. Chithear cuideachd trì de filmichean goirid Chatrìona Nic Ille Dhuibh, agus às dèidh sin bidh cothrom ceistean a chur. Tha An Lanntair airson taing a nochdadh do MG ALBA agus BBC ALBA airson cead am film a shealltainn. Bidh An Iolaire: Tha Thu Aig Aigeann M’ Inntinn air a chraoladh air BBC ALBA air 31/12/2018 agus 1/1/19 aig 8:45f.