Sàl – Iain Morrison and Dalziel + Scullion

29 An Dùbhlachd

Ceannaich Tiocaidean

Fòn: 01851 708 480

Chaidh Sàl a sgrìobhadh leis an neach-ciùil Leòdhasach Iain Moireasdan, a chaill a shinn-seanair air an Iolaire, agus ga thaisbeanadh còmhla ris tha luchd-ealain Albannach ùrghnàthach Dalziel + Scullion. Tha Sàl glè mhòr stèidhichte ann an ceòl mòr (ceòl clasaigeach nam pìob-mhòr). Tron phìos seo gheibhear eòlas air slighe gu cogadh agus a’ bhuaidh, don fheadhainn sin a chaidh thuige agus don fheadhainn a dh’fhuirich aig baile. Slighe dhrùidhteach na h-Iolaire, cràdh gun chrìoch agus meud a’ chall air coimhearsnachd beag eileanach.

Co-choimiseanadh le 14-18 NOW, prògram ealain na RA airson cuimhneachan ceud bliadhna a’ Chiad Chogaidh Mhòir agus An Lanntair.