
Taghadh de luchd-ealain stèidhichte agus feadhainn a tha air ùr-cheumnachadh, cuid a ghabh pàirt ann an sgeama meantoraidh a bha aig An Lanntair thairis air an dà bhliadhna a chaidh seachad. Tron sgeama bha daoine air an cur còmhla ri eòlaichean a thug comhairle agus taic dhaibh lem pròiseactan. Le obair inntinneach is diofaraichte ann a thaobh ioma-mheadhan bha an taisbeanadh cuideachd a’ gabhail a-steach obair Hanna Tuulikki, neach-ealain agus neach-tasgaidh a bha air aoigheachd à Fionnlainn.