Tha Còig eadar-dhealaichte ri rud sam bith eile, le ceithir tàlantan eadar-dhealaichte air an cur ri chèile. Tha iad uile stèidhichte san dualchas le rudeigin eile a bharrachd an cois gach fear. Am fìdhlear Chrissy Crowley le blasad de cheòl an t-saoghail is an là an-diugh, an cluicheadair piàna Jason Roach le ceum ann an jazz, Darren McMullen (giotàr, banjo, mandolin, msaa) a tha air a bhith an lùib buidhnean Èireannach agus roc, agus am fìdhlear Rachel Davis bho dhualchas Cheap Breatainn le blasad folc cuideachd.
Tha iad luma-làn spionnadh agus a’ còrdadh gu mòr ri luchd-èisteachd bho air feadh an t-saoghail. Chan e a-mhàin an ceòl a tha a’ còrdadh ri daoine ach na h-òrain cuideachd mar am fear aig Rove, riochdachadh Ceilteach de “Solsbury Hill” aig Peter Gabriel.
Is e Còig an rud as fheàrr ann an ceòl traidiseanta, ach ann an riochd neo-thraidiseanta.