Dark Skies – Chris Lintott

Disathairne 9 An Gearran

Ceannaich Tiocaidean

Fòn: 01851 708 480

Tha daoine eòlach air mar am preasantair air prògram reul-eòlais a’ BhBC  The Sky At Night, agus tha Chris Lintott na Àrd-ollaimh Astro-fiosaigs aig Oilthigh Oxford agus mar cho-stèidhiche air Galaxy Zoo, pròiseact maoineachaidh sluaigh air-loidhne far am bi buill den phoball a’ toirt taic ann a bhith a’ seòrsachadh còrr air millean reul-chrios.

Tha Fèis Speuran Dorch Innse Gall air leth toilichte gu bheil Chris na òraidiche speisealta air an deireadh sheachdain fosglaidh aca.   Cho math ri bhith a’ bruidhinn mun obair aige ann a bhith a’ toirt fios mu reul-eòlas gu barrachd dhaoine, bidh e a’ toirt seachad lèirsinn inntinneach air na nithean a tha a’ tachairt san adhar air an oidhche an-dràsta fhèin.