Calum Stiùbhart

Dih 14 Sult

Ceannaich Tiocaidean

Fòn: 01851 708 480

Tha an cluicheadair Pìob Uilleann ainmeil Calum Stiùbhart agus a thrio air chuairt leis a’ chlàr ùr aige a bha daoine gu mòr a’ feitheamh ris, Tales from the North. Air a bhrosnachadh leis an togail a fhuair e anns a’ Ghearmaich an ceann a tuath na h-Alba, tha an clàr a’ comharrachadh sgeulachdan, seallaidhean-tìre, tachartasan agus na daoine a bha mar phàirt de bheatha òg.

 

Is e Tales from the North a’ chiad chlàr aige leis fhèin anns a bheilear a’ faighinn deagh bhlas den dòigh cluiche chumhachdaadh agus fhaireachail aig Calum.  Ged is e fear-ciùil Albannach a tha ann an Calum, a tha a’ cluich inneal a thathar a’ meas mar inneal Èireannach, chan eil ceist sam bith ann nach e clàr a tha seo le buaidh làidir Albannach freumaichte ann an sgeulachdan mu eachdraidh na dùthcha.

 

Tha fèill mhòr air Calum airson cuirmean agus clàraidhean; bha e  a’ clàradh o chionn ghoirid còmhla ris an London Philharmonic Orchestra aig stiùidiothan Abbey Road airson nan sgrìobhadairean Thomas Newman agus Howard Shore, cho math ri bhith ag obair còmhla ri Nitin Sawhney agus o chionn ghoirid còmhla

ris an t-seinneadair Albannach Julie Fowlis, agus bha e mar phàirt den chòmhlan aice airson nan trì bliadhna a chaidh seachad.