Eadar Eileanan

Diciadain 18 An t-Iuchar

Ceannaich Tiocaidean

Fòn: 01851 708 480

San treas pròiseact ciùil seo fo bhatach Eadar Eileanan cluinnear luchd-ciùil bho na h-Eileanan mu Thuath agus na h-Eileanan an Iar aig cuirm chom-pàirteachail.  An turas seo bidh Saltfishforty (is e sin am fìdhleir Douglas Montgomery agus an seinneadair/fear-giotair Brian Cromarty) a’ riochdachadh Arcaibh, agus bidh na seinneadairean Jenny Keldie (Sealtainn), Kathleen NicAonghais agus Linda Nicleòid (Eilean Siar) ann cuideachd.