Cuirmean sna Coimhearsnachdan

’S e Cuirmean sna Coimhearsnachdan pròiseact ùr a tha An Lanntair a’ cur air bhonn le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.
Tha sinn an dòchas gun tig coimhearsnachdan cruinn còmhla aig tachartasan anns na sgìrean aca fhèin gus gàirdeachas a dhèanamh air ar cànan, ar cultar agus am beairteas de luchd-ealain a th’ againn, tro chuirmean le òrain Ghàidhlig is ceòl pìoba, òraidean, cèilidhean is iomadh rud eile. Gu dearbha bidh am prògram seo Gàidhealach ann an susbaint agus anns an dòigh a thèid a lìbhrigeadh, le fear no bean-an-taighe a’ stiùireadh nan tachartasan agus tha sinn an dòchas nuair a thig daoine ann, gur i a’ Ghàidhlig a bhios iad a’ bruidhinn!