Calum Friseal: Cuirmean sna Coimhearsnachdan

  • Published on: 21st December 2021
See all news

Abair gun robh oidhche air leth againn aig a’ chiad chuirm-chiùil san t-sreath ùr Cuirmean sna Coimhearsnachdan aig Talla Ghrinneabhat. Bha an talla air a sgeadachadh gu grinn le solais Nollaig, bha a h-uile duine sàsaichte, blàth às-dèidh biadh na Nollaig, bha sinn uile a’ dèanamh fiughar ris a’ cheòl, agus ’s sinne a fhuair tiodhlac tràth am-bliadhna sa- guth binn air fhighe le giotàr socair is piàno càilear dha-rìribh: Abair plaide a chur umainn oidhche fhuar Gheamhraidh.

Bha rud beag den a h-uile càil aig an luchd-ciùil- Ceitlin Lilidh, Innes White is Ali Paterson- dhuinn. Bha òrain aithnichte, àlainn de gach seòrsa ann, is a’ mhòr-chuid à Leòdhas fhèin! Bha mi gus tuiteam nam chadal aig na tàlaidhean àlainn, gus dannsa aig na puirt-à-beul (a fhuair bas-bhualadh is feadalaich gu leòr!) agus bha casan a’ stampadh buille nan òran luaidh.

Ceòl math, craic math is an dà chuid sa Ghàidlig. Tha mi cinnteach gum bi an ath thachartas a cheart cho brèagha.

Ceud mìle taing don luchd-ciùil, don h-uile duine a bha san èisteachd is a bha cho taiceil agus do luchd-obrach talla grinn Ghrinneabhat, a bha cho dripeil, cuideachail.

Tha mi an dòchas gum faic sinn sibh aig an ath thachartas.