Fìogair by Ruairidh Maciver

Deich bliadhna, sin na bh’ air a bhith ann bho làigh a’ ghainmheach mu dheireadh air tràigh Fhìogair. Bha sin fhèin annasach, oir mar bu dual bhiodh i a’ tighinn gach seachd no ’s dòcha gach ochd bliadhna. Gluasad an làin a bu choireach, a rèir choltais, a’ giùlain sgeilp gainmhich gu uachdar na tràghad thar ùine. Cha d’ fhuair mi riamh tuigse cheart air carson a thachair e fèir nuair a thachair e, ach b’ fheàrr leam mar sin e. Iongnadh a bh’ ann, mìorbhail: tràigh cloiche air a dhol na tràigh gainmhich, mar gum biodh ann am priobadh na sùile.

Sna bliadhnachan a dh’ fhalbh, bha mi air smaoineachadh an drasta ’s a rithist mu dè a thachradh an ath thuras a thigeadh a’ ghainmheach gu Fìogair. Leis na meadhanan sòisealta a’ bualadh fiosrachaidh fad is farsaing (dha rìribh ann am priobadh na sùile), am faiceadh sinn sluagh mòr a’ cruinneachadh ann, dealbhan Facebook, Twitter ’s Instagram sa h-uile àite. Cleas saoghal an latha an-diugh: a’ cur sgrios ri gach rùn-dìomhair is gan sadail air sìtig an fhiosrachaidh.

Ach mar a shaoil mi, cha b’ ann mar a bhà – san t-seann dhòigh a thàinig an naidheachd thugam. Dh’innse nàbaidh dhomh is e a’ dol seachad air latha soilleir earraich gun robh e air a’ ghainmheach fhaicinn, e air bhiorain is teaghlach òg aige a bheireadh e ann. ‘Nach math sin’, thuirt mi ris, ‘còrdaidh e ris a chloinn’.  Chum esan air na thoileachas agus sheas mis’ an sin ann am meadhan an lios a’ coimhead a-null gu Fìogair. Chan fhaicinn a’ ghainmheach às a sin; bha an tràigh air a cuairteachadh le creagan dubha agus chan fhaigheadh tu sealladh dhith gus an robh thu cha mhòr oirre, an sàl mar-thà nad chuinnlean agus an cuan na do chluais. Ach sheas mi is choimhead mi an taobh sin airson greis co-dhiù, a’ dealbhadh na tràghad òr-bhuidh’ nam inntinn.

Chuir e iongnadh orm an ath latha cho furasta ’s a bha e am fòn a thogail agus àireamh Màiri a phutadh a-steach. Bha fhios agam gun robh i a’ fuireach san aon àite – nach robh mi air a dhol seachad air iomadadh uair. Fhios a’m gun robh i ann agus beatha an teaghlaich am follais mun cuairt an taighe: baidhseagalan, innealan spòrs, cearcall de thrampoline – an aon seòrs stuth a bh’ againn fhèin.

Chum am fòn air a’ gliongach an leth mhionaid agus bha mi direach dol a chur sìos nuair a fhreagair i, cabhag na guth. ‘___bost 820’. Bha mi sàmhach ’s dòcha diog ro fhada, mas tuirt mi, ‘A Mhàiri, Ailig a th’ ann.’ Chaidh am fòn sàmhach airson tiotan agus chuala mi guth phàisde air a cùlaibh a’ faighneachd cò a bh’ ann. Leis a’ phutadh sin, thuirt i: ‘Dè a tha thu ag iarraidh, Ailig?’ Bha mi air a bhith tron chòmhradh seo liuthad uair nam inntinn is bha dùil a’m ri cho fuar is a bha a briathran agus a guth.

‘Bha mi airson innse dhut g’ eil a’ ghainmheach air tilleadh gu Fìogair. Bha Calum an ath dhoras –‘

‘Carson a tha thu ag innse seo dhomh?’ thuirt i le tomhas de dh’fhearg.

‘Eil cuimhne agad air an trup sin a chaidh sinn ann son picnic air latha na sàbaid – agus cho feagalch ’s a bha sinn –‘

‘Tha thu a’ fonadh as deidh, dè, deich bliadhna, airson sentimental bullshit a bhruidhinn rium mu dheidhinn nuair a bha sinn òg?’

‘Tha is chan eil’ thuirt mi. ‘Tha an latha sin air tighinn air ais thugam cho soilleir, cho annasach ’s a bhe e. Agus tha, tha mi air a bhith a’ smaoineachadh ort – agus bha mi airson coinneachadh riut, ma tha thu dèonach?’

Ach bha i air am fòn a chur sìos.

 

***

 

Chuir mi seachad an oidhche sin a’ coimhead air seann dhealbhan – air clàr iomhaighean ar beatha mar theaghlach. Bha an camara ann an sin ge bith càite an deidheadh sinn agus bha mo mhàthair air a h-uile but dealbh a ghleidheadh: pasgan as dèidh pasgan ann an drathairean a bha làn dhiubh. Sinn air saor-làithean thall-thairis, le aodach dathach agus aodainnean fallain, a’ seasamh dìreach air beulaibh adhair ghorm na Frainge. Ciad làithean na sgoile, air ar sgeadachadh ann an gorm is glas, le leac an teine dubh air ar cùlaibh. Màiri ag ithe ice-cream aig a’ chattle show – a gàire cho farsaing ’s a bha an latha soilleir fhèin.

Mu dheireadh fhuair mi pasgan beag de dhealbhan a chaidh a thogail aig Fìogair. Latha brèagha samhraidh a bh’ ann agus bha a’ ghrian trom is buidhe os cionn dubh-ghorm a’ chuain. Dealbh le mam agus dealbh le dad, mas robh selfies ann. Dealbh air a ghabhail le timer a’ chamara, an ceathrar againn còmhla ach am framing bun os cionn. Màiri agus mam a’ togail chaistealan gainmhich air uachdar na tràghad. Mi fhèin a-muigh a’ plubadaich san làn, beagan ro fhada a-mach – an cuan siar a’ sineadh air mo chùlaibh, air a reòthadh le sùil a’ chamara.

Thuit mi nam chadal mar sin leis na dealbhan mun cuairt orm agus bhruadar mi mu dheidhinn Fìogair ann an dubh na h-oidhche.

 

***

 

Bha post-dealain a’ feitheamh air mo shon an ath mhadainn.

 

Alaig,

Coinnichidh mi riut ma tha thu ag iarraidh.  Chan eil fhios agam carson ge-ta. Cuin agus càite?

Màiri

 

Chuir sinn romhainn gun coinnicheadh sinn aig Fìogair an ath latha.

 

***

 

Bha e fuar agus geur a’ dol tarsainn na machrach sa mhadainn. Bha e ro thràth sa bhliadhna airson nam flùraichean lionmhor a chuireadh boillsgeadh datha air uaineachd an fhearainn. Ach bha na steàrnagan mar-thà air an slighe a dhèanamh à Tuath, an sgiamhail a’ lìonadh nan speuran mar chòisir de mhurtairean. Agus bha an fheamainn a’ dol lot sa bhàgh – am fàileadh grod brèagha ud nach dìochuimhnich thu a-chaoidh.

Ràinig mi Fìogair agus chunnaic mi buidhe na tràghad fodham, na creagan dubha nam balla-dìon mun cuairt. Bha e a cheart cho breàgha agus a cheart cho annasach ’s a bha e nam chuimhne, a’ faicinn na gainmhich far am bu dual dha na clachan a bhith. Smaoinich mi airson diog mu dheidhinn dealbh a thogail ach bha fios agam nach robh feum agam air. Shuidh mi os cionn a’ bhàigh agus dh’fhuirich mi airson Màiri.

Bha i cairteal na h-uaireach air dheireadh, mar a bha a-riamh. Thuirt mi sin rithe nuair a ràinig i ach cha do rinn i fiù’s gàire.

‘Dè a tha thu ag iarraidh?’, thuirt i.

Bha deich bliadhna ann bho chunnaic mi mu dheireadh i ach cha mhòr gun robh coltas latha nas sine oirre. Bha a falt cho buidhe ris an tràigh agus a sùilean cho gorm ri cuan.

‘Ciamar a tha a’ chlann?’, dh’fhaighnich mi.

‘Tha iad ceart gu leòr, ach dè tha thu ag iarraidh?’

‘Dè a bhliadhna air a bheil Coinneach a-nis?’

‘Ailig, cha robh mise airson tighinn an seo, ach thuirt Mìcheal gum bu chòir dhomh. Eil thu dol a bhruidhinn rium mu Mham agus Dad?’

‘Bhiodh iad tric a’ bruidhinn air an tràigh seo, sna bliadhnachan mu dheireadh’, thuirt mi.

‘Ciamar a bhiodh fios agam air sin? Cha leigeadh tu dhan taigh mi.’

‘A dh’aindeoin seargaidh inntinn, bhiodh iad a’ bruidhinn air an tràigh nach fhacas ach gach seachd bliadhna. Rudeigin air am b’ urrainn dhaibh breith nan inntinn. Bhiodh mam ag iarraidh orm a thighinn sios an seo airson uisge fhaighinn bhon fhuaran’.

‘Carson a thug thu an seo mi?’

‘Tha na làithean sin a-nis cho soilleir ris a’ ghrèin’, thuirt mi. ‘Agus cha stad mi a’ smaoineachadh orra. Cha robh iad ag iarraidh ach thusa a Mhàiri; cha mhòr gun robh mi a’ cunntadh dhaibh’, na faclan a’ tuiteam mar chlachan bho mo bheul.

Choimhead i air falbh bhuam a dh’ionnsaigh gorm na fàire agus bha deòir na sùilean. Bha aon soitheach a’ dol seachad gu sàmhach aig astar ach cha robh ri chluinntinn ach an cuan agus na h-eòin agus ar n-anail fhèin.

Dh’èirich Mairi agus thionndaidh i bhuam gun fhacal a ràdh. Chòisich i air falbh tron bheagan uisge a bha air tòiseachadh a’ tuiteam agus shuidh mi an sin na coimhead, a’ fàs nas lugha air gach ceum. Bha an làn air tòiseachadh a’ lìonadh a-rithist ann am Fìogair, na tuinn mean air mhean a’ pasgadh a’ bhuidhead fo fhuarachd a’ chuain. Sheas mi is thòisich mi mo shlighe fhèin dhachaigh – an t-uisge a’ fàs nas truime agus a’ bìdeadh air mo chraiceann.