All That I Do: Tom Hickman

24 Lùna - 5 Dàmh

Tha am pròiseact seo mar ùmhlachd is mar theisteanas do neach-ealain is neach-cruinneachaidh iongantach, agus aig teis-mheadhan an taisbeanaidh seo tha sreath de dh’obair-ghrèis mhìorbhaileach le seallaidhean às a’ Bhìoball, eadar Gàrradh Eden is Àirc Noah gu Breith Ìosa. Bidh stuthan bhon chruinneachadh farsaing aig Tom air a thaisbeanadh cuideachd – eadar àirneis, ealain agus stuthan air an cruthachadh bho shligean a thàinig bho cho fada air falbh ri Ceann Iar-dheas Astràilia agus Iar-thuath Alba.