Palimpsest: Comann Luchd-ealain Albannach

18 An Cèit - 29 An t-Ògmh

Tha am facal palimpsest – air a chleachdadh mar as trice co-cheangailte ri làmh-sgrìobhainnean bho na meadhan aoisean – mar ‘rud a tha air ath-chleachdadh no air atharrachadh ach le coltas ris an riochd a bha aige ron seo’. Chithear obair le 24 sàr luchd-ealain bho air feadh Alba san taisbeanadh seo a tha a’ dèiligeadh ris a’ bhun-bheachd seo. Mar eisimpleir; mar a tha am fearann air atharrachadh, air ath-chleachdadh is air ath-mhìneachadh. Tha an taisbeanadh seo mar thoradh air a’ chom-pàirteachas leantainneach a tha a’ dol air adhart eadar Comann Luchd-ealain Albannach agus An Lanntair an dèidh Làrach an taisbeanadh de luchd-ealain às na h-eileanan a chaidh a chumail san RSA sa Ghearran 2018.
Luchd-ealain san taisbeanadh
Marion Archibald, Nina Bacos, Juliana Capes, Jessica Copping, Joan Doerr, Pippa Gatty, Su Grierson, Susie Leiper, David Lemm, Kirsty Lorenz, James Lumsden, Norman Macbeath, Gillian McFarland, Celine McIlmunn, Martin McKenna, Mary Morrison, Marcel O’Connor, Jenny Pope, Ray Rankine, David Smith, Gerry Smith, Karen Spy, Sonja Witts, Christine Wylie.