Cothrom air leth: Oifigear Ealain Gàidhlig / Exciting opportunity: Gaelic Arts Officer

(Làn-ùine, cuingealaichte gu 12 mhìos sa chiad dol-a-mach, le cothrom leudachadh air sin, a rèir maoineachaidh)

Chaidh an dreuchd seo a stèidheachadh air sgàth com-pàirteachas ùr eadar An Lanntair, Leabharlainn nan Eilean Siar agus Comhairle Nan Eilean Siar.

Adhbhar na Dreuchd: Prògram Ealain Gàidhlig a leasachadh dhan Lanntair agus do Leabharlainn nan Eilean Siar, agus prògram phreantasachdan Gàidhlig Comhairle nan Eilean Siar a chomasachadh.

Bidh an tagraiche a shoirbhicheas os cionn gach taobh de leasachadh na Gàidhlig airson a’ chom-pàirteachais Ghàidhlig shònraichte seo, a’ gabhail a-steach:  a’ toirt chothroman do bharrachd dhaoine Gàidhlig a chleachdadh agus buannachd fhaighinn aiste san àite-obrach is sa choimhearsnachd;
a’ meudachadh chothroman do dhaoine de gach aois a’ dol an sàs leis An Lanntair, Leabharlainn ionadail agus a’ Chomhairle gus an sgilean Gàidhlig a leasachadh; a’ togail mothachadh mun Ghàidhlig am measg luchd-èisteachd is luchd-ùidhe nan com-pàirtichean.

Oifigear Ealain Gàidhlig – Dealbh-chunntas obair

Oifigear Ealain Gàidhlig – Tuairisgeul Pearsanta

Ceann-latha dùnaidh: 20 Faoilleach 2025
Please submit your CV along with a supporting letter, ensuring it is no longer than one A4 page. Send your application via email to anna@anlanntair.com

____________________________________________________________________________________

Gaelic Arts Officer

(Full time, fixed term for 12 months initially, with potential to extend subject to funding)

This post was created by a new partnership between An Lanntair, Western Isles Libraries and Comhairle Nan Eilean Siar.

Job Purpose:  To Develop a Gaelic Arts Programme for An Lanntair and Western Isles Libraries and facilitate a Comhairle Nan Eilean Siar Gaelic apprenticeship programme.

The successful applicant will lead on all areas of Gaelic development for this unique Gaelic language partnership, including:
providing opportunities for more people to use and benefit from Gaelic at work and in the community; increasing opportunities for people of all ages engaging with An Lanntair, local Libraries and the Comhairle to develop their Gaelic skills; raising awareness of Gaelic amongst the partners’ audiences and stakeholders.

Gaelic Arts Officer – Job Description

Gaelic Arts Officer – Personal Specification

Closing date: 20th Jan 2025
Please submit your CV along with a supporting letter, ensuring it is no longer than one A4 page. Send your application via email to anna@anlanntair.com