Seachdain Seunta le Cathy Mary Nic a’ Mhaoilein
B’ e toiseach saor-laithean an t-samhraidh a bh’ann agus bha Eilidh air bhoil gus am faigheadh i air ùine a chaitheamh còmla ri a caraidean. Ach, obh, obh , abair tàmailt nuair a chual’ i gun robh a’ chlann-nighean uile gu bhith air falbh air saor-laithean ann an àiteachan inntinneach. Bha ise airson a dhol gu àiteachan inntinneach cuideachd, ach cha robh air fhàgail sa bhaile ach na balaich. Ach cha bhi Eilidh uair sam bith a’ cluich còmhla ri balaich bheaga bhrogach.
Ach tha i fhèin agus a cù, Peasan, a’ coinneachadh ri balach beag annasach, agus iad a’ tuiteam tro thìm ann an iomadh dàn thuras ann an seachdain a tha gu math seunta. Ach an dùil an ionnsaich Eilidh a bhith beagan nas dòigheil agus nas foighidnich le balaich, bheaga, bhrogach?
*************
Tòisichidh sinn le taisbeanadh air Powerpoint, ag innse beagan mun leabhar. Leughaidh mi an uairsin caibidil agus gheibh a’ chlann cothrom air bruidhinn mu dheidhinn, agus am beachdan fhèin an toirt seachad ach dè bhiodh iadsan airson tachairt sa chaibidil. Gheibh iad an uairsin cothrom air “comic strip” a chruthachadh, agus faodaidh iad an dealbh mu dheireadh atharrachadh, leis an direadh a bhiodh iadsan ag iarraidh.
************
Is mise Cathy Mary Nic a’ Mhaoilein. Tha mi air a bhith a’ fuireach ann an Dùn Chàrlabhaigh bho riamh. B’ àbhaist dhomh a bhith a’ teagaisg chloinne anns an Àrdsgoil, ach tha mi a-nis ag obair ann an Sgoil Àraich.
Tha seachdnar chloinne agam, agus nuair a bha iad san sgoil, bhithinn a’ sgrìobhadh sgeulachdan agus bàrdachd èibhinn dhaibh airson a’ Mhòid. Bhithinn cuideachd a’ sgrìobhadh dealbh- chluich gach bliadhna airson cuirm Nollaig na sgoile, agus iomadh samhradh a’ teagaisg dràma aig Fèis Eilean an Fhraoich. Bha mi cuideachd an-luib dà phròiseact Dìleab le Metagama agus Bodach an t-Siabainn , a’ sgrìobhadh dràma le sgoilearan.
’S caomh leam a bhith a’ smuaineachadh air dè thachradh nam b’urrainn dhuinn siubhal tro thìm. Agus dè bhiodh sinn ag iarraidh tachairt agus an deànadh e diofar dhuinn? An atharraicheadh e ar pearsa?
Seo an dàrna leabhar cloinne agam. Sgrìobh mi Ùine Iongantach o chionn còrr is deich bliadhna. Tha min dòchas gun còrd Seachdain Seunta ribh.
Suitable for: GM5-7
Dates: Tuesday afternoon, Wednesday morning or afternoon, and Friday afternoons between 27th Oct – 14th Nov.
Contact moira@anlanntair.com to make a booking for your class.