Aly agus Phil- Cuairt an Fhoghair 2018

Dih 21 Sult

Ceannaich Tiocaidean

Fòn: 01851 708 480

Tha Phil & Aly, dithis den luchd-ciùil traidiseanta as cliùitich ann an Alba air a bhith a’ còrdadh ri luchd-èisteachd air feadh Alba air Oidhche Challainn  airson còrr air fichead bliadhna. San Dàmhair 2013 choisinn iad  Duais Great Scot “Lifetime Achievement” aig An Sunday Mail.

 

Tha iad ainmeil air feadh na dùthcha a thaobh an comasan air an fhìdheall agus an accordion, a’ toirt sàr cheòl gu tallaichean air feadh na dùthcha. Bidh iad cuideachd fa leth, an sàs ann an tachartasan, telebhisean agus foghlam.   Ach is e an obair aca còmhla air chuairt thar còrr air còig bliadhna fichead de shàr sgilean is conaltradh èibhinn as motha a tha a’ còrdadh ri daoine air feadh an àite.