Deasbad Nàiseanta nan Àrd-Sgoiltean (National Gaelic Schools Debate)

Tues 4 & Wed 5 Nov

Deasbad Nàiseanta nan Àrd-Sgoiltean

Thathar a-nis a’ dèanamh fiughair mhòr ri Deasbad nan Àrd-sgoiltean Nàiseanta ann an saoghal na Gàidhlig, ’s e a’ toirt cothrom do sgoilearan an dà chuid na sgilean cànain aca a leasachadh, agus cuideachd eòlas ann a bhith a’ cur am beachd fhèin an cèill air beulaibh sluaigh.

Tha 18 sgoiltean – an àireamh a bu mhotha a chunnacas a-riamh – gu bhith an sàs anns na ciad chuairtean de Dheasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean, a bhios air an cumail san Lanntair ann an Steòrnabhagh air 4mh agus 5mh den t-Samhain. Tha an fharpais a’ sìor-fhàs mar fhear de na prìomh dhòighean a thèid aig òigridh air na sgilean aca a thaisbeanadh a thaobh deasbaid, breithneachaidh agus labhairt air beulaibh sluaigh.

Tha fàilte chridheil air a’ phoball a bhith an làthair.

National Gaelic Schools Debate

The National Schools Gaelic Debate has become a much-anticipated fixture in the Gaelic calendar, encouraging pupils not only to refine their language skills but also to gain confidence and experience in expressing themselves in public.

A record 18 schools will take part in the preliminary stages of the National Schools Gaelic Debate 2025, which will be held at An Lanntair in Stornoway on the 4th and 5th of November. The competition continues to grow in stature as one of the leading platforms for young Gaelic speakers to showcase their skills in debate, critical thinking, and public speaking.

Members of the public are warmly invited to attend.