
Tha An Lanntair agus a chom-pàirtichean air coimisean rannsachaidh a thoirt don bhuidheann leasachaidh eaconamach ekosgen suirbhidh a chur a-mach gu buidhnean, gnìomhachasan agus luchd-ealain a tha ag obair anns Na h-Ealain Ghàidhlig agus Gnìomhachasan Cruthachail. Tha an suirbhidh mar phàirt de Mheasadh Fheumalachdan Earrann Nan Ealain Ghàidhlig agus Gnìomhachasan Cruthachail ann an Innse Gall agus san Eilean Sgitheanach, a bhios air a chleachdadh gus fios a thoirt do leasachaidhean poileasaidh san àm ri teachd a bhios ag amas air taic a thoirt do leasachadh san earrann sna làithean a tha ri thighinn. Tha am Measadh Fheumalachdan a’ gabhail a-steach a bhith a’ tuigsinn an raon agus an ìre de ghnìomhan san earrann agus mar a tha na h-ealain agus gnìomhachasan agus buidhnean cruthachail a’ cleachdadh na Gàidhlig nan cuid obrach.
Bidh na freagairtean gu lèir dìomhair agus bidh iad air an cur còmhla gus nach bi e comasach neach no buidheann sam bith a chomharrachadh.
https://www.surveymonkey.co.uk/r/56QS66P
An Lanntair and partners have commissioned economic development consultants ekosgen to carry out a survey with Gaelic Arts and Creative Industries organisations, businesses and artists. The survey is part of a wider Needs Assessment of the Gaelic Arts and Creative Industries Sector in the Outer Hebrides and Skye, which will be used to inform future policy developments aiming to support the future development of the sector. The scope of the Needs Assessment includes understanding the range and level of activity within the sector, and how arts and creative businesses and organisations use Gaelic in their work.
All answers are completely confidential and will be aggregated to ensure that no one individual or organisation is identifiable.
https://www.surveymonkey.co.uk/r/56QS66P