Faclan Òga : Mòrag Stiùbhart

“Air planaid fad às ri taobh lochan sgleòthach, an sin bha an dachaigh aig Stoc dom b’ ainm Seònaid. Faisg air an lochan bha cnapach de chnoc, an sin bha an dachaigh aig Stùc dom b’ ainm Seoc.”

 

Bidh Mòrag a’ leughadh bho “Na Stocan & Na Stùcan, an tionndadh Gàidhlig a chuir i air The Smeds & The Smoos le Julia Donaldson. Bidh cothrom aig an fheadhainn as òige an dealbhan fhèin a dhèanamh de phlanaidean fad às agus an luchd-còmhnaidh, agus dhan fheadhainn as sine, bidh cothrom ann na stòiridhean agus na caractaran aca fhèin a chruthachadh. Bidh Mòrag glè thoilichte ceistean sam bith a fhreagairt mun t-seòrsa sgrìobhadh a th’ ann an tionndadh Gàidhlig, gu h-àraidh leabhraichean a tha ag innse stòiridhean tro rannan.

 

Tha Mòrag air a bhith a’ fuireach anns an Eilean Sgitheanach faisg air dà fhichead bliadhna ach ’s ann à Griomsaigh a tha i bho thùs. Tha i air a bhith ag obair anns na Meadhanan fad iomadh bliadhna, an sàs ann an rèidio, telebhisean is fiolm, agus air prògraman is sreathan de dh’iomadh seòrsa a riochdachadh, eadar naidheachdan, aithris, dràma agus stuth chloinne. Tha i air grunnan leabhraichean chloinne a sgrìobhadh agus air tionndadh Gàidhlig a chur air iomadh leabhar chloinne, leithid Stickman (Bioran), Gigantosaurus (Gurmòrosaurus) agus There’s a Bear on My Chair (Tha Mathan air Mo Chathair). Cuideachd, bidh i a’ cur tionndadh Gàidhlig air cartùnaichean leithid, Zog & The Flying Doctors.

 

Event suitable for: P1 – 3 Gaelic
Available on: Wed 8th – Fri 10th November 
Location: your school
Equipment required: smartboard or screen to show PowerPoint presentation

Contact Moira@anlanntair.com or 01851 708493 for more information or to book.

This event for schools is part of Faclan: The Hebridean Book Festival.