An Gille, am Famh, an Sionnach ’s an t-each
le Charlie Mackesy
An tionndadh Gàidhlig le Johan Nic a’ Ghobhainn
Leughaidh Johan Nic a’ Ghobhainn earrainnean goirid bhon leabhar àlainn seo mus bruidhinn i air feartan tarraingeach nan ceithir caractaran. Thèid iarraidh air a’ chloinn postair a dheilbh, coltach ri feadhainn a rinn Mackesy fhèin agus a nochd an iomadh àite poblach rè nam bliadhnaichean mu dheireadh, le abairt mhisneachail a thèid na chois. Coimheadaidh i ri na diofar ìrean de dh’obair-foillseachaidh agus na sgilean air a bheil feum airson nì a thoirt bho ‘smuain gu sgeilf’, le cothrom beagan sgrìobhaidh a cheartachadh cuideachd.
Tha Johan Nic a’ Ghobhainn air a bhith an lùib obair-foillseachaidh airson còrr is 30 bliadhna. ’S ann do dh’òigridh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig as motha a tha i air a bhith a’ deasachadh stuthan. Tha i a’ fuireach ann an Steòrnabhagh leis an duine aice, Calum, agus a triùir chloinne. Nuair nach eil i na suidhe air beulaibh sgrion, tha i dèidheil air a bhith ri obair-ciùird, gu h-àraidh le clò Hearach agus stuthan air an ath-chuartachadh.
Event suitable for: P4-7 Gaelic
Available on: limited dates in November
Location: your school
Equipment required: smartboard or screen to show PowerPoint presentation
Contact Moira@anlanntair.com or 01851 708493 for more information or to book.
This event for schools is part of Faclan: The Hebridean Book Festival.