An Treas Suaile – Julie Fowlis and Duncan Chisholm

9-10 Samh

“An Treas Suaile” -tachartas drùidhteach lèir-chlaistinn, na thrì phàirtean le ceòl sgrìobhte às ùr, ceòl bhon dualchas agus clàraidhean bho thasglannan agus le dealbhan agus clàraidhean mhapaichean. Tha an tiotal agus brìgh an tachartais a’ toirt iomradh air Iain Fionnlagh MacLeòid a leum bhon Iolaire le ròp agus chaidh a thogail gu tìr air an treas suail. Dhan fheadhainn a shàbhail `s ann air an ròp a thàinig an dara leth gu tìr. Tha an cruinneachadh mar bhun-stèidh a’ toirt urram dhan fheadhainn a chaidh an call, an fheadhainn a sabhail, agus mar mheadhan air sgeulachdan innseadh de thrì ginealaichean de theaghlaichean aig an robh ceangal ris an tubaist.

Air a cho-choimiseanadh le 1418 NOW, prògram ealain na Rìoghachd Aonaichte a’ comharrachadh ceud bliadhna bhon Chiad Chogadh, agus An Lanntair.