Dealbh-chluich drùiteach mu ghaol, call, slànachadh agus foillseachadh. Le briathran is ceòl Adam Ross, Randolph’s Leap, tha The Isle of Love a’ sgrùdadh a’ bhòidhchead agus an leigheas a tha an cois beatha nan eilean agus an adhbhar a tha daoine airson a thighinn ann, fuireach, falbh agus tilleadh air ais.
Air a sgrìobhadh le Euan Martin agus Dave Smith bhon chompanaidh thèatar Right Lines Productions a tha air duaisean a chosnadh, tha an taisbeanadh ciùil indie pop seo a’ glacadh nam faireachdainnean a tha eilean ann an Innse Gall ann an Alba a’ brosnachadh – na nithean matha, dona is glòrmhor. Le gàireachdainn, deòir is ceòl iongantach. tuitidh tu ann an gaol le The Isle of Love!