Bidh an Edinburgh Quartet a’ tadhal air Steòrnabhagh mar phàirt de chuairt coimisean ùr a tha aca leis an neach-sgrìobhaidh ciùil Peter Longworth a tha mar thà air ainm a dhèanamh dha fhèin. Tha am pìos air a dhealbh airson ceòl/còmhradh, agus tha e air leth annasach oir bidh e a’ ceangal ris gach àite sam bi iad leis gu bheil teacsaichean ùra air an sgrìobhadh sa h-uile àite.
Bidh ar com-pàirtiche-ùghdar Ron Butlin a’ stiùireadh dà bhuidheann-obrach le oileanaich ionadail, gus a bhith a’ sgrùdadh agus a’ leaschadh nan earrannan còmhraidh, a bhios air am fighe a-steach dhan phìos mu dheireadh a bhios iad a’ dèanamh anns An Lanntair.