Ross Ainslie and Ali Hutton

Dih 20 Gibl

Ceannaich Tiocaidean

Fòn: 01851 708 480

Choinnich Ross agus Ali an uair a chaidh iad gu còmhlan-pìoba Vale of Atholl aig aois 12 bliadhna.   Bha iad air an stiùireadh le aon de na pìobairean a bu bhuadhmhor a bha ann sna 30 bliadhna a chaidh seachad, Gordon Duncan. Thug Gordon misneachd mhòr dhaibh a bhith a’ cluich na pìoba còmhla ri ionnsramaidean eile agus tha iad air a dhol air adhart gus a bhith a’ cluich ann an còmhlain ainmeil Albannach eile mar Treacherous Orchestra, Old Blind Dogs, Salsa Celtica, Dougie Maclean, Shooglenifty, Capercaillie. An dèidh bliadhnaichean a’ cluiche ann an còmhlain eadar-dhealaichte thàinig iad chun a’ cho-dhùnaidh a bhith a’ cluich còmhla.