Dark Skies – The Rocket Post le Shauna Macdonald

Disathairne 9 An Gearran

Ceannaich Tiocaidean

Fòn: 01851 708 480

Tha tòrr cheanglaichean iongantach ann an Innse Gall co-cheangailte ri teicneòlas rocaid. Tha am film seo bho 2004 na shealladh bàidheil air fear dhiubh sin – an oidhirp a rinn Gerhard Zucker ann an 1934 am post a chur air rocaid le cumhachd bhon Sgarb chun Na Hearadh. 

Bidh an sgrionadh sònraichte seo aig an fhèis air a thòiseachadh leis an rionnag a bhuannaich duais BAFTA Shauna Nicdhòmhnaill – a chaidh a faicinn o chionn ghoirid air a slighe dha na speuran ann an Star Wars: The Last Jedi.

Nas tràithe air Disathairne, bheir An t-Oll Crìstean Macleòid seachad òraid mun àite a tha aig Innse Gall ann an rèis nan reultan, nam measg sgeula fhìor Rocaid a’ Phuist.