Paper Memories

Diardaoin 4 Giblean

Ceannaich Tiocaidean

Fòn: 01851 708 480

Tha Cuimhneachain Pàipeir le Jabuti Theatre na thaisbeanadh aoibhneach do chlann 7+ mu imrich, fèin-aithne agus cho cumhachdach ’s a tha cuimhneachain.  Le dannsa-adhair, pupaidean agus ceòl, bheir iad sinn gu cuimhneachain soilleir agus dathach Tali; fògarrach a tha a’ tighinn a dh’Alba le teaghlach.

Tha an teaghlach a’ faireachdainn neònach agus ann an èiginn a’ feuchainn ri fighe a-steach agus dìochuimhneachadh na chaidh roimhe.  Thathar ag iarraidh air Tali cuimhneachadh na chaidh roimhe agus beag air bheag tha na cuimhneachain aice a’ dol às a cuimhne.  Ach tha an teaghlach aice a’ tuigsinn gur e a bhith a’ cuimhneachadh an aon dòigh fuireach còmhla mar theaghlach san àite ùr seo.  Tha Cuimhneachain Pàipeir a’ cleachdadh ceòl agus dealbhan iongantach gus cuimhneachain a chruthachadh mu bhainnsean, ruith às dèidh chearcan agus dannsa san adhar còmhla ri eòin.