Palimpsest: Lennox Dunbar RSA

11 Samh- 6 Faoi 2018

Palimpsest: rud a chaidh a dhèanamh no air atharrachadh airson adhbhar sònraichte is air a ath-chleachdadh airson adhbhar eile

Tha an taisbeanadh seo de 40 dealbh le Lennox Dunbar anns An Lanntair na obair iom-fhillte, bheairteach co-cheangailte ri eachdraidh agus sealladh-tìre.  Tha seo a’ togail air na diofar làraich arc-eòlach air an deach tadhal agus a’ coimhead air na dòighean sa bheil cùisean air atharrachadh tro na linntean agus an luach a tha ginealaichean eadar-dhealaichte a’ cur air an eachdraidh.   

Stèidhichte gu mòr air Taobh Sear na h-Alba, tha an obair a’ toirt beachd math air an àite, tro riochdachadh air na nithean  tha air an uachdar is fon talamh..Thathar air a bhith ag obair is ag ath-obair air na dealbhan – a’ gearradh, a’ cur ri chèile agus ag atharrachadh gus an dealbh a chruthachadh.