Òraid & Seanachas le Donald S Murray / Presentation and Storytelling Cèilidh with Donald S Murray

Fri 29 Apr

Thig nar cuideachd gun cuir sinn seachad am feasgar a’ seanachas ri Donald S Murray. Bidh e ag innse dhuinn mu dheidhinn an leabhair aige, For the Safety of All agus an uair sin ag iarraidh air daoine an sgeulachdan fhèin innse. Bidh fàilte air a h-uile duine a thighinn ann is sgeulachdan a roinn, ged traidiseanta no os-nàdarrach, fìor no faoin. Bidh sinn a’ bruidhinn gu sònraichte mu sgeulachdan a tha a’ buntainn ri sgìre Ùig fhèin, ged mu dheidhinn charactaran na sgìre no cò às a thàinig ainmean-àite. Bidh teatha, cofaidh agus craic gu leòr ri fhaotainn.

Come and join us for an afternoon of stories with DS Murray, where he’ll be telling us all about his book, For the Safety of All. This will be followed by a story sharing cèilidh, where we’ll be inviting everyone to share their stories, whether traditional or supernatural, fact or fiction. We’ll spend time discussing stories from Uig in particular, whether about local characters or where place names came from. With plenty tea, coffee and craic.