Norrie Tago MacÌomhair & a Charaidean / Norrie Tago MacIver & Friends

Sat 27 Aug

Book Tickets Online

Call: 01851 708 480

’S e seinneadair agus sgrìobhaiche òran à Eilean Leòdhais a th’ ann an Norrie MacÌomhair, a tha an-dràst na phrìomh-sheinneadair ann an Skippinish. Bhuannaich Norrie an duais airson a’ Chuirm-chiùil Air-loidhne a B’ fheàrr aig Na Trad Awards an-uiridh, agus chuir e dà chlàr ùr air bhog rè a’ ghlasaidh-shluaigh. Tha an clàr as ùire aige air a dhèanamh an àirde de dh’òrain a sgrìobh e fhèin mu dheidhinn Baile Ghobhainn agus chaidh a chlàradh còmhla-ri na Glasgow Barons, orcastra à Baile Ghobhainn fhèin. Bidh Norrie a’ seinn taghadh de dh’òrain Ghàidhlig agus Bheurla, air a bhrosnachadh le eilean àraich.

Na chuideachd bidh dithis cheòladair cliùiteach Leòdhsach, James Duncan MacCoinnich air a’ phìob agus Jane Hepburn Nic a’ Mhaoilein air an fhidhill. Bidh taghadh de cheòl cèilidh agus òrain Ghàidhlig ann, agus gun teagamh sam bith bidh iad an dùil ri cuideachadh a’ seinn nan òran.

—————————————————————————————————————————–

Norrie MacIver is a singer songwriter from the Isle of Lewis who is currently the lead singer of Skipinnish. Norrie recently won Online Performance of the Year at last year’s Trad Awards and released two new albums during lockdown. His latest album is a collection of original songs about Govan and it was recorded with the Glasgow Barons, an orchestra based in Govan. Norrie sings a selection of Gaelic and English songs which are influenced by his island upbringing.

Along with Norrie will be two renowned Lewis musicians, James Duncan Mackenzie on the pipes and Jane Hepburn MacMillan on the fiddle. There will be a selection of cèilidh tines and Gaelic song and the band will certainly be expecting help singing these well-known songs.

(The Ness-Stornoway bus goes past the Barvas & Brue Community Centre at 9pm for anyone looking to get home after the show.)

 

Tha an tachartas seo na phàirt de Chuirmean sna Coimhearsnachdan, pròiseact a chaidh a chur air bhonn le taic bho Bhòrd na Gàidhlig. Bidh an tachartas seo air a lìbhrigeadh ann an Gàidhlig.

This event is part of the Cuirmean sna Coimhearsnachdan project which was organised with the support of Bòrd na Gàidhlig. This event will be delivered in Gaelic.