
Is e an Summer Youth Dance Intensive, pròiseact dannsa agus tachartas seachdain a dh’fhaid do dhaoine òga aois 10-18 bliadhna. Bidh na seisein air an stiùireadh leis an dannsair agus an neach-teagaisg Julia McGhee. Bidh an luchd-com-pàirt an sàs ann an seisein dannsa gach là a bhios on là an-diugh agus cruthachail. (Diluain gu Dihaoine 10m gu 1f) a’ leantainn air gu tachartas san Lanntair airson an teaghlaich agus caraidean. Ullaichidh na dannsairean dannsa ùr mar fhreagairt air an taisbeanadh Oir na Sùil : Edge of Sight le Margaret Uttley agus David Knight. Bu chòir dha na dannsairean aodach cofhurtail a chur umpa gus am faigh iad air gluasad nas fhasa agus a bhith air an casan liormach no brògan dannsa a bhith orra. Bidh greiseag aca airson deoch uisge is blasad bidhe agus bu chòir dhaibh seo a thoirt leotha.