
Chan eil samhail Josie Duncan agus Pablo Lafuente ann, dithis a bhios a’ seinn/cluich giutàr agus a bhuannaich Duais Folc Òg BBC Radio 2 2017.
Bho thùs à Eilean Leòdhais agus an Spàinn, chan eil iongnadh ann nach eil an ceòl aca a’ cuimseachadh air aon àite, no air aon de na h-iallan ann an lìonra thraidiseanta na h-Alba.
Bho thòisich iad ag obair còmhla ann an 2016, tha iad air fìor adhartas a dhèanamh, le iarrtas mhòr orra aig fèisean agus ionadan air feadh na dùthcha. San ùine ghoirid seo, tha iad air còrdadh ri luchd-èisteachd air BBC Radio 2, Fèis Celtic Connections, seiseanan Sofar agus iomadach àite air feadh Alba.