
Tha Ímar, an còmhlan còig-pìos as fheàrr ann an Glaschu air othail mhòr a chruthachadh on chaidh an stèidheachadh. Le taghadh de bhuill bho Mànran, RURA, Talisk agus Barrule chòrd iad gu mòr ri daoine aig HebCelt 2017. Tha stèidheachadh a’ chòmhlain a’ togail air ceanglaichean a bha eadar na buill an uair a thòisich iad a’ cluich fada ro na h-amannan comharraichte aca ann an Glaschu
Adam Brown (bodhrán), Adam Rhodes (bouzouki), Mohsen Amini (concertina), Ryan Murphy (uilleann pipes) agus Tomás Callister (fiddle) le dlùth cheangal ri ceòl Èireannach – ged nach eil ach Murphy à Èirinn; buinidh Rhodes agus Callister do Eilean Mhanainn, buinidh Amini do Ghlaschu, agus is ann à Suffolk a tha Brown– is tha mòran dha na càileachdan sin mar bhunait do Ímar, a thaobh ionnsramaidean agus stuth.