
Ann am Mnathan Innse Gall cluinnear seinneadairean traidiseanta Gàidhlig bho air feadh nan Eilean Siar agus bidh na h-òrain airson, no mu, bhoireannaich.
Tha am pròiseact air a bhith air a dheilbh gus co-obrachadh a bhrosnachadh, ceòl is òrain bho sgìre adhartachadh, ach cuideachd, agus nas cudromaich, a bhith a’ tabhann stoidhle-obrach ‘maighistir agus oileanach’ le seinneadairean bho iomadh ginealach.
Air an oidhche shònraichte seo cluinnear Cathy Ann Nic a’ Phì à Barraigh, Kathleen NicAonghais à Uibhist a Deas, Ceitlin Lilidh agus Josie Duncan à Leòdhas le taic bho Andy Yearly air a’ mheur-chlàr.