FREUMHAN / ROOTS

Thur 14 Jul

Thig James MacCoinnich, Norrie MacÌomhair agus Calum Alex MacMhaolain- balaich à Leòdhas, caraidean is co-obraichean thar iomadach bliadhna- còmhla aig HebCelt am bliadhna sa gus am pròiseact ùr aca, ‘Freumhan | Roots’ a thaisbeanadh. ’S e measgachadh de cheòl traidiseanta agus gu tur ùr a bhios ann agus chaidh a choimiseanadh gus an 25mh ceann-bliadhna aig HebCelt a chomharrachadh.

Thairis air an dà bhliadhna a chaidh seachad tha James, Norrie agus Calum Alex air a bhith ag obair còmhla gus òrain ùr a sgrìobhadh, a’ gabhail brosnachadh bho àite an àraich agus na sgeulachdan, fionn-sgeulan, caractaran, an cruth-tìre agus na coimhearsnachdan a bhuinneas ris.

Thèid òrain thraidiseanta bhon dualchas beartach a th’ againn air an eilean a thaisbeanadh, cuide-ri ceòl-pìoba a chaidh a dhèanamh le cuid dhe na pìobairean a b’ fheàrr a thàinig à Leòdhas, a leithid P/M Donald Macleod, P/M Peter Macleod, P/M Iain M Morrison (a theagasg James agus Calum Alex) is eile.

’S cinnteach gur i oidhche smaoineachail a bhios againn, a’ meòrachadh air na sgeulachdan a thèid innse tron tron cheòl. Èistidh sinn ris a’ phìob, a’ bhocsa, a’ ghiotàr, an duiseal, an fheadag, a’ mhaileòidean, seinn, agus le Jane Hepburn air an fhidhill agus Alistair Paterson air a’ phiàno, abair thusa gun dèan sinn gàirdeachas air ceòl à Leòdhas, sean is ùr.

Chaidh an tachartas sa a chur air dòigh an co-bhann ri HebCelt.

_____________________________________________________________________________

Lewis lads and long-time friends and musical partners James MacKenzie, Norrie MacIver and Calum Alex Macmillan will come together at HebCelt this July to present ‘Freumhan | Roots’, a suite of traditional and newly written music and song which was commissioned to celebrate HebCelt’s 25th anniversary.

Over the past two years James, Norrie and Calum Alex have collaborated on writing new material influenced by their Lewis upbringing with subjects related to their homeland delving into the stories, legends, characters, island landscapes, and communities which they each represent. The new music will debut in Breasclete on Wednesday 13th July.

The boys will also draw material the from rich musical and Gaelic song heritage of the island with a strong piping influence through the music of P/M Donald Macleod, P/M Peter Macleod, P/M Iain M Morrison (piping teacher of both James and Calum Alex) and others.

Expect an evening reflecting on the stories the music portrays and will feature pipes, accordion, guitar, flute, whistles, melodeon and Gaelic song with Jane Hepburn (fiddle) and Alistair Paterson (Piano) as part of the group for this celebration of Lewis music old and new.

In this instance this special show is being promoted in association with HebCelt.