Fèis Bidh: Food Festival

Disathairne 13mh Giblean

Bidh an còigeamh fèis bidhe aig An Lanntair a’ tilleadh chun an àite às an tàinig e leis a’ chòcaireachd thraidiseanta as fheàrr a’ cleachdadh biadh on tìr agus on mhuir.   Air a’ chlàr bidh trì cùrsaichean le biadh on Àm a Dh’fhalbh, An Là An-diugh agus on Àm ri Teachd.  Bithear a’ còcaireachd, a’ feuchainn a-mach agus a’ blasad a’ bhidhe.  Is iad Alasdair Macleòid às an Rubha le taic bho Chudaig à Calanais na prìomh chòcairean a bhios an sàs ann an seo.  Cùm do shùil a-mach airson a’ bhangaid thraidiseanta a bhios againn cuideachd.  Gheibhear tuilleadh a-mach a dh’aithghearr.

This event is part-financed by the Scottish Government and the European Community Outer Hebrides LEADER 2014-2020 programme.