Heb Celt 2019 – Donnchadh Siosalach

Dih 19 Iuch

Is e Donnchadh Siosalach cluicheadair is sgrìobhadair ceòl fìdhle as ainmeile an Alba.  Bhuannaich e Duais Ceòl Traidiseanta Alba MG Alba Sgrìobhadair na Bliadhna agus Clàr na Bliadhna 2018, agus tha meas mhòr air clàr ùr Dhonnchaidh Sandwood. Tha na h-eileamaidean nàdarra a tha a’ cur Gàidhealtachd na h-Alba air leth nan spionnadh mòr don cheòl aige.  Tha na seallaidhean nàdarra ga chuideachadh gu bhith a’ cruthachadh ceòl làn dath agus solas. Ceòl ùr stèidhichte air a dhualchas.  Bidh e air chuairt san Danmhairg is Astràilia as t-Earrach 2019, ach tha Donnchadh glè thoilichte a bhith a’ tilleadh dhachaigh gu bhith an sàs ann am prògram HebCelt 2019.

Penguin Eggs:  “….. the indisputable eminent fiddle composer of his generation.” 

www.duncanchisholm.com

https://www.facebook.com/DuncanChisholmFiddle/

https://twitter.com/DuncanWChisholm

https://youtu.be/7h1Kk4p-1YM