Eileanach – Dòmhnall Mac a’ Ghobhainn

6 An Iuch- 17 An Lùna

Bha Dòmhnall Iain Mac a’ Ghobhainn a rugadh air an tuath ann an Leòdhas ann an 1926 – a rèir na sgrìobh Ian Fleming, Prionnsabal Sgoil Ealain Gray ann an 1958 – “sàr oileanach a bhliadhna … gun cheist am bith fear aig a bheil comas air leth mar neach-ealain.” An dèidh sin bha an obair aige air a thaisbeanadh anns an Royal Scottish Academy, Society of Scottish Artists, Aberdeen Artists, An Lanntair agus ann an àiteachan eile. Bha obair a’ gabhail a-steach gluasadan ann an obair-ealain san Roinn Eòrpa agus ann an Ameireaga ach dh’fhan e dìleas don chuspair aige. Bhon stiùidio aige air Taobh Siar Eilean Leòdhais bho 1974 gus an do chaochail e ann an 2014, bha na h-ìomhaighean làidir, dìon a rinn e de dh’iasgairean is boireannaich bhon eilean a’ comharrachadh neart spiorad mhic an duine. Taisbeanadh air leth.

An cois an taisbeanaidh tha an leabhar ‘Donald Smith, The Paintings of an Islander’, a chaidh fhoillseachadh le Acair. Tha an leabhar làn dhealbhan air an tarraing is air am peantadh, agus sgrìobhadh sa Ghàidhlig agus sa Bheurla.