Heb Celt 2019 – CLANN ’IC CHOINNICH

Dic 17 Iuch

Cuimhneachain Ceòlmhor #201

Aig cridhe ciùil Clann ’Ic Choinnich (na peathraichean Eilidh, Gillie & Fiona) tha dìleab an athar, Rod MacChoinnich. B’ e Rod a stèidhich agus a bha a’ teagasg trì còisirean Gàidhlig bho sgìre a’ Bhac a bha soirbheachail gu tric aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Gus an dìleab seo a chomharrachadh, tha iad sin agus cuid de na trì deug oghaichean aige ’s an còisir air an robh meas mhòr aige, Còisir Sgìre a’ Bhac a’ seinn cruinneachadh de dh’òrain Ghàidhlig a bha dlùth do chridhe Rod.

Ann a bhith a’ dèiligeadh ri thinneas san Lùnastal 2016, thòisich e a’ co-roinn a “Chuimhneachain Ciùil” air na meadhanan sòisealta agus thug na teachdaireachdan taiceil a fhuair e bho charaidean mòran cofhurtachd dha sna sia mìosan an dèidh sin.  Bha a’ chuirm seo san robh na h-ìghnean aige, càirdean, oghaichean agus caraidean on chòisir air a stiùireadh le ogha Rod agus am fear-ciùil a tha air duaisean a chosnadh, Innes White.