Tha an sàr cho-obrachadh seo eadar dithis luchd-ciùil innleachdach a tha air mòran dhuaisean a chosnadh – an neach-cluiche clàrsach Catrin Finch agus an cluicheadair kora à Senegal Seckou Keita – a’ tabhann fìor dheagh cheòl aig ìre an t-saoghail. Tha Catrin agus Seckou air fìor dheagh ainm a dhèanamh dhaibh fèin a’ tarraing air na traidiseanan eadar-dhealaichte aca agus gan tarraing ri chèile ann an dòigh air leth inntinneach.
Sàr cheòl air leth tarraingeach.