Première Film / Film Première: “Calman nan Loch – The Dove of Lochs

Fri 9 Dec

Book Tickets Online

Call: 01851 708 480

Bha Pròiseact Bàta nan Salm stèidhichte air seanchas iongantach mu mar a bhiodh na bàtaichean traidiseanta a’ falbh bhon t-searmonn chun nam bailtean beaga thall ’s a-bhos air Loch Èireasort, le guthan sònraichte a’ seinn nan salm Gàidhlig. Ghabh am pròiseact àite ann an Leòdhas, agus thàinig buill a’ phròiseict bho eaglaisean eadar-dhealaichte an eilein, agus tharraing e daoine a-steach aig nach robh creideamh idir. Chruinnich sinn sgeulachdan ùidheil agus èibhinn bho na daoine a bha fhathast òg sna làithean nuair a bha na h-eathraichean mar “na h-Austins and Fords of the day.”

Chithear anns an fhilm mar a mhair doimhneachd dìleab nam manach, iadsan a dh’fhalbh an cois an Ath-Leasachaidh, ann an seinn nan Salm Gàidhlig agus mar a tha daoine a’ glèidheadh spiorad na h-Eaglaise Ceiltich beò chun an latha an-diugh.

Tha am film “Calman nan Loch” a’ cleachdadh obair a’ phròiseict sin mar bhunait, agus a’ comharrachadh 1500 bliadhna de bhuaidh Chaluim Chille anns na dùthchannan Gàidhealach agus nas fhaide air falbh.

————————————————————————————————————————

The Psalmboat Project takes inspiration from the amazing story of the traditional sailing boats resounding with the iconic sound of the Gaelic psalms as they once set off from the services in Keose to their villages up and down Loch Erisort. The project was inspired by handed-down stories shared in Gaelic, from which an open welcoming community of psalmsingers, sailors, artists and friends took root. Much of the lore was gathered from folk still young in the days when the boats were the “Austins and Fords of their day”.

In the film we discover how, through the singing of the Gaelic psalms the legacy of the pre-Reformation monks endures and how the people of Lochs keep the spirit of the Celtic Church alive to this day.

“Calman nan Loch – The Dove of Lochs” uses this basis to mark 1500 years of Colmcille’s influence in the Gàidhealtachd lands and farther afield.

Bidh ùine ann airson cheistean a chur air an fhilmeadair, an riochdaire agus daoine a ghabh pàirt sa phròiseact / There will be a Q&A with the filmmaker, Lewis producer and local island participants.