‘Blasta’ – deagh fhacal Gàidhlig airson biadh a tha a’ còrdadh ri daoine – agus blas de na seinneadairean à Innse Gall as fheàrr a tha a’ còrdadh ri daoine san là an-diugh aig a’ chuirm seo.
Tha Blasta a’ gabhail a-steach sàr sheinneadairean Gàidhlig – Anna Mhoireach, Mischa Nic a’ Phearsain, Ceitlin Nic a’ Ghobhainn, Josie Duncan agus Calum Ailig Mac a’ Mhaolain – gus a bhith a’ comharrachadh ceòl traidiseanta Innse Gall.
Pròiseact a chaidh a choimiseanadh gu sònraichte le Fèis HebCelt, chunnacas an tachartas seo aig Fèis Lorient an-uiridh sa Bhreatainn Bhig mar phàirt de Bhliadhna na h-Alba agus aig Ceanglaichean Ceilteach na bu tràithe am bliadhna.
Às a dhèidh bidh Club Night- tiocaidean rim faighinn air leth