BALACH + Support

Sat 14 Aug

Book Tickets Online

Call: 01851 708 480

’S e còmhlan-ciùil ùr à Eilean Leòdhais a th’ ann am BALACH. Cha do dh’ullaich duine iad airson an t-saoghail fhada fharsaing is na trioblaidean air fheadh. Le sin, chaidh iad a dh’fhalach nan seòmraichean-caidil is sgrìobh iad òrain, feuch an dèanadh e feum. Cha do rinn, ach tha na h-òrain sgrìobhte a-nis co-dhiù.

Tha iad a’ cur blas gu tur ùr is gu dearbha Gàidhealach air ceòl ‘skate-punk’- rudeigin coltach ri Blink 182 is Sum 41- gus dèiligeadh ri trioblaidean an latha an-diugh, an dà chuid air feadh an t-saoghail agus air a’ Ghàidhealtachd.

********

BALACH are a new band from the Isle of Lewis. Nobody prepared them for the big, bad world, and so, they hid in their bedrooms and wrote some songs to see if it would help. It did not, but the songs are written now anyway.

BALACH bring a freshness to skate-punk music, in the vein of Sum 41 and Blink 182, as they explore the issues affecting the world, and their small part of it, in 2021 from a uniquely Gaelic viewpoint.