
Tha an leabhar aig Alastair McIntosh Soil & Soul ag innse mar a thug na làithean a chaith e na òige mar ghille air oighreachd ann an Leòdhas buaidh air a bheatha a thaobh a bhith gu mòr an sàs ann an còraichean an fhearainn. Tha an leabhar a-nis gu bhith air a chleachdadh mar dhealbh-chluich leis an sgrìobhadair agus an cleasaiche Alan Bissett. Tha Alan a’ siubhal mun cuairt an eilein fhad ’s a tha e ann a’ dèanamh (More) Moira Monologues, agus tha e airson bruidhinn ri daoine mun leabhar agus mun dualchas a tha e a’ riochdachadh. Tha e deònach cuideachd bruidhinn mun obair eile sa bheil e an sàs aig an tachartas neo-fhoirmeil seo. Tuilleadh fiosrachaidh aig www.sruth-mara.com