
Tha coinneamh neo-fhoirmeil gu bhith againn mu dheidhinn ealain Ghàidhlig, na cothroman a tha na luib agus a tha a dhìth.
Nach tig sibh ann ma tha sibh:
-ag obair mar neach-ealain sna h-Eileanan Siar
-nur n-oileanach air cùrsa Gàidhlig
-ag obair no an sàs le buidheann ann an saoghal ealain na Gàidhlig
-a’ lorg cothroman ann an saoghal ealain na Gàidhlig
Thig ann gus beachdan a roinn is neach-ealain eile a’ choinneachadh
Ma tha ceist sam bith agaibh, cuiribh fios gu: calum.fraser@lanntair.com